Avsnitt
-
Tha Taghta a' cluinntinn bho Chathleen NicLeòid a tha an-dràsta anns na Stàitean Aonaichte airson obair-lannsa a bheir aiste mesh, is i ag innse mar a thug an suidheachadh cruth-atharrachadh air a beatha.
-
Còmhradh leis an Oll Boyd Robasdan is figearan ùra air sealltainn nach robh àrdachadh idir san àireimh de thidsearan am FtMG sna bun-sgoiltean an-uiridh.
-
Saknas det avsnitt?
-
Tha Shona NicDhòmhnaill a' cluinntinn sgeulachd chumhachdach Anne, banntrach Bill Quarm, a chaidh a dhìteadh gu ceàrr an lùib sgainneal IT Horizon.
-
Agallamh leis an Dtr Petra Johana Poncarová, ùghdar a' chiad làn-leabhar rannsachaidh mu dheidhinn Ruaraidh MacThòmais: 'Derick Thomson and the Gaelic Revival'.
-
Taghta a' comharrachadh 100 bliadhna bho chaidh a' chiad phrògram Gàidhlig a chraoladh.
-
Leis a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail air ais am Pàislig am-bliadhna, tha am Mòdcast againn air a bhith a' coimhead ri eachdraidh a' bhaile ann am beagan a bharrachd doimhneachd.
-
Bha am Mòd ann am Pàislig aon turas ron seo, air ais ann an 2013. Tha am Mòdcast air a bhith a' bruidhinn ris an fheadhainn a bhuannaich na buinn òir bho chionn deich bliadhna.
-
Dòmhnall Moireasdan a' còmhradh ri ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Magaidh Choineagan, is am Mòd air ais am Pàislig.
-
Tha Seumas Dòmhnallach a' bruidhinn ri Donaidh MacFhionghain, Iain Tormod MacLeòid, agus Nicola NicThòmais mun bhuaidh a th' air a bhith aig Sabhal Mòr Ostaig air Slèite
-
Còmhradh mu Stiùbhart MacRath Chonchra, ceann-cinnidh Gàidhealach a chluich ball-coise do Shasainn is an eachdraidh teaghlaich a dh'fhàg gun do thachair sin.
-
Còmhradh leis an Dtr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart mu thuras Samuel Johnson is Seumas Boswell timcheall na Gàidhealtachd 's nan Eilean bho chionn 250 bliadhna.
-
Tha fiosrachadh a chaidh a lorg às ùr ag innse gu bheil cluba iomain Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal nas sine na bha iad fhèin a' smaointinn. Tha Taghta a' bruidhinn ri ceann-suidhe a' chluba, Aonghas MacAonghais.
-
100 bliadhna bho sheòl an SS Metagama à Steòrnabhagh, tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris air buaidh na h-eilthireachd.
-
100 bliadhna bho sheòl an SS Marloch à Loch Baghasdail, tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris air buaidh na h-eilthireachd.
-
Gheibh mu 200 duine ann an Alba dearbhadh gach bliadhna gu bheil iad a' fulang le tinneas Motor Neurone no MND. Tha Shona NicDhòmhnaill air a bhith a' còmhradh ri Chrissie Laing ann an Uibhist a thaobh mar a tha ise a' dèiligeadh leis an tinneas.
-
Le Sgoil MhicNeacail a' comharrachadh gu bheil i 150 bliadhna a dh'aois, tha Dòmhnall Moireasdan air a bhith a' còmhradh ri Niall Bartlett mu chuid de reactaran ainmeil na sgoile.
-
Annabel Nic ‘Illinnein a' bruidhinn ri Anndra MacFhionghain a tha air a bhith ann an Estòinia airson Eòrpa is e a' coimhead ri mar a tha an Ruis is dìleab linn nan comannach fhathast a' toirt buaidh air an dùthaich.
-
150 bliadhna bho dh'fhosgail Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh, tha Ruairidh MacÌomhair a' toirt sùil air sgeulachd nam bràithrean a stèidhich an sgoil.
-
Annabel Nic ‘Illinnein a' còmhradh ri Andreas Wolff mu phrògram a rinn e airson Eòrpa mu Albàinianaich a tha air feuchainn ri slighe a dhèanamh a Bhreatainn gu mì-laghail air bàtaichean beaga.
-
Màiri Riddoch a' bruidhinn ris an Oll Kay NicLeòid bho Oilthigh Chicago is Là Aillse na Cruinne ann Disathairne.
- Visa fler